Cearcall a' Chuain lyrics
Songs
2024-12-27 23:57:45
Cearcall a' Chuain lyrics
Tha sinn uile air cuan stiùireadh cuairt troimh ar beatha
a' seòladh geòla dhorch air chall an grèim na mara.
Tha a' ghaoth air ar cùl, tha a' gheòl a' cumail roimhe
's cha dèan uair no an cuan toinisg dhuinn no rian.
A' mhuir tha i ciùin, tha i fiadhaich, tha i farsuinn,
tha i àlainn, tha i dìomhair, tha i gamhlasach is domhainn.
Ò ach sinn, tha sinn dall 's chan eil againn ach beatha.
Tog an seòl, tog an ràmh gus an fhaigh sinn astar ann.
Ach tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil nuair a bhios a' ghrian dol fodha
chì iad mi a' stiùireadh 'n iar null a dh'Uibhist air a' chearcall.
Ò cearcall a' chuain, gu bràth bidh i a' tionndadh
leam gu machair geal an iar far'n do thòisich an là.
- Artist:Runrig
- Album:The Highland Collection