Dh’èirich Mi Moch Madainn Cheòthar [Norwegian translation]

Songs   2024-11-04 13:34:25

Dh’èirich Mi Moch Madainn Cheòthar [Norwegian translation]

Dh’èirich mi moch madainn cheòthar,

hù gurie hùm ò,

’s shuidh mi air a chnocan bhòidheach.

Hì rim i call éile

Hù a hò hì rì

Eu ruibh i a hò

Hù gurie hùm ò

Thàinig mo leannan ’nam chòmhdhail,

bhuail sinn air a’ chòmhradh ghòrach.

Cha d’ thàinig e nuair bu chòir dhà,

tiota beag mun d’ rinn mi ’m pòsadh.

Ri mac a’ bhodachain bhrònaich,

nach tug crios, neo brèid, neo bròg dhomh.

Nach tug an stìom is i bu chòir dhomh,

mhic an fhir o ’n charra sgiathach,

’S eilean mòr nan eun fiadhaich,

bheirinn fhèin mo bhòid ’s mo bhriathran.

Mionnan ged do chùmte sgian rium,

gur h-ann dut a thug mi ’n ciad ghaol.

Julie Fowlis more
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic), English, Galician, Gaelic (Irish Gaelic), Latin
  • Genre:Folk
  • Official site:http://www.juliefowlis.com/
  • Wiki:http://en.wikipedia.org/wiki/Julie_Fowlis
Julie Fowlis Lyrics more
Julie Fowlis Featuring Lyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Artists
Songs