Fear a bhata lyrics
Songs
2024-12-28 00:09:59
Fear a bhata lyrics
'S tric mi sealltainn o'n chnòc a's àirde
Dh'fheuch am faicinnse fear a bhàta
An tig thu'n diùigh neo'n tig thu màireach
'S mur tig thu idir gur truagh a tà' mi.
[chorus:]Fhir a bhata 'na horo eile
Fhir a bhata 'na horo eile
Fhir a bhata 'na horo eile
Mo shòraidh slàn leat gach àit an teid thu.
Tha mo chridhe-sa briste brùite
'S tric na deóir a ruith o'm shùilean
An tig thu nochd neo'm bi mo dhùil riut
Neo'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich.
Gheall mo leannan dhomh gùn dhe'n t-sìoda
Gheall e siod agus breacan rìomhach
Fainn' òir anns an fàicinn iomhaigh
Ach 's eagal leamsa gun dean e di-chuimhn'.
Bidh mi tuille gu tùrsach deùrach
Mar eala bhàn 's i an déigh a reubadh
Guileag bàis aic' air lochan feurach
Is cach uile an déigh a tréigsinn.
- Artist:Mairi MacInnes