Is Gàidheal Mi [English translation]
Songs
2024-12-27 23:31:15
Is Gàidheal Mi [English translation]
Bi tu a' strìth 's chan eil dòigh gun tuig thu chaoidh
An gaol a tha fo aisne mo chlèibh
Tha e 'gam gharadh ann am fionnachd oidhche
Is mi leam fhèin an ciùin chadail
[Sèist:]
Is Gàidheal mi, cho pròiseil is sèimh
Mo chridhe ri Dia is ri mo dhaoine
Riaslaichidh mi, a ghràidh, anns an duibhre fhuar
Gus am bi mi ann an tearmann mo luchd dùthcha
Shnàmhnainn ann an cuan do cheud mìle pòg
Le tuil do ghràidh còmhdaich mis'
Stèidhich misneachd bhuan 's na caisg i
'S bheir solus dhomh nach mùch
'N uair thionndaidheas tìm gun fhanadh
[Sèist]
Ged dh' fhuiligeas mi gaoid
Leòn, cha bhi mo spiorad brùit'
'N uair bhitheas tu fhèin a ghaoil, 'nam thac-sa
As d' aonais, a ghràidh, tha m' fheasgar a' ciaradh
'S tu mo reul iùil gu sìorraidh
[Sèist x2]
- Artist:Mairi MacInnes
- Album:compilation: Ar Cànan 's Ar Ceòl