Ùrnaigh na Ban-Tigrich lyrics
Ùrnaigh na Ban-Tigrich lyrics
M'athair 's mo Dhia, dèan Thus' ar dìon,
Mi fhèin 's mo naoidhean beagan mhìos;
Gur gann an t-uisg' 's gur gann an sìol -
Sinn creuchdach, acrach, brùite, piant'.
'Adhlaichte an-diugh mo luaidh,
'S nach aithnich mise uaigh seach uaigh:
Measg mhiltean 'n Tigre tha e na shuain -
Coimhead Thusa, a Thighearna, oirnn le truas
Sinn fannachadh le teas na grèin'
Nuair dh'éireas i an àird sna speur';
Sinn ga ar meileachadh le fuachd
Meadhan-oidhch', 's ar sgeadachadh cho truagh.
An tig, a Thighearna, uisge trom
A bheir a-mach toradh bhon talamh lom?
Cùm rium mo chreideamh annad fhèin,
Na canar: 'n do thréig thu mi, mo Dhia?
Cheus riaghaltas eile Crìosd air crann
'S tha luchd-bréig gar biathadh gu teann
Dòirt nuas do mhaitheas chaoimh, a Dhè -
Na leig an tàir buannachd uile gu lèir.
- Artist:Karen Matheson