Tha mo ghaol air aird a'chuain lyrics

Songs   2024-11-30 01:28:17

Tha mo ghaol air aird a'chuain lyrics

Feasgar ciùin an tus a'chèitein

nuair bha 'n ialtag anns na speuran

chualaim rìbhinn òg 's i deurach

seinn fo sgàil nan geugan uain'.

Bha a'ghrian 'sa chuan gu sìoladh

's reult cha d'éirich anns an iarmailt

nuair a sheinn an òigh gu cianail

"Tha mo ghaol air àird a'chuain".

Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling

's lùb am braon gu caoin na flùrain

Shèid a'ghaoth 'na h-oiteag chùbhraidh

beatha 's ùrachd do gach cluan.

Ghleus an nighneag fonn a h-òrain

sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos

'a bha an t-sèisd seo 'g éirigh 'n còmhnaidh

"Tha mo ghaol air àird a'chuain".

Chiar an latha is dheàrrs 'na reultan,

sheòl an rè measg neul nan speuran.

Shuidh an òigh, 'bròn ga lèireadh,

's cha robh dèigh air tàmh no suain.

Theann mi faisg air reult nan òg-bhean

sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh.

O bu bhinn a caoidhrean brònach

"Tha mo ghaol air àird a'chuain".

Rinn an ceòl le deòin mo thàladh

dlùth do rìbhinn donn nam blàth-shùil

's i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh

"Bìon mo ghràdh 'th' air àird a'chuain".

Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh

nuair a ghlac me fhèin air làimh i.

"Siab o dheòir, do ghaol tha sàbhailt,

thill mi slàn bhàrr àird a'chuain".

Julie Fowlis more
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic), English, Galician, Gaelic (Irish Gaelic), Latin
  • Genre:Folk
  • Official site:http://www.juliefowlis.com/
  • Wiki:http://en.wikipedia.org/wiki/Julie_Fowlis
Julie Fowlis Lyrics more
Julie Fowlis Featuring Lyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Artists
Songs