Cearcall Mun Ghealaich [English translation]
Cearcall Mun Ghealaich [English translation]
The year of the big storm,
I saw a circle about the moon;
and the stooks of barley streamed to the sea.
My father, my sister, and I stood,
watching the work of our hands rush from sight.
Bliadhna mhòr na stoirme,
chunnaic mi cearcall mun ghealaich;
’s dh’fhalbh na h-adagan eòrna,
nan sruth sìos chun a’ chladaich.
Is sheas sinn nar triùir ann,
(mi fhèin, mo phiuthar, is m’ athair)
a’ faicinn obair ar làimhe,
na deann-ruith à sealladh.
Is chunnaic mi uair eile,
cearcall mun ghealaich –
aig deireadh samhraidh sgiamhach,
chaidh gaol às mo shealladh.
Bu riaslach an tìm ud,
gu ’n tàinig leigheas an earraich,
ach thàinig le tìde
àm grianach gum aire.
Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
chì mi cearcall mun ghealaich;
is tusa a’ falbh bhuam,
gu baile an Sasainn.
’S mo chridhe cho sgaoilte,
na raon mòr fada farsaing,
gun adagan ar gaoil ann
fon d’ fhuair mi fasgadh bha abaich.
– ’S ma dh’fhalbhas tu,
cha till grian bhrèagha an earraich.
- Artist:Julie Fowlis
- Album:Alterum