An Aghaidh Fàilte na Mòr-Thìr lyrics

Songs   2024-12-24 12:12:18

An Aghaidh Fàilte na Mòr-Thìr lyrics

Ionn dà, ionn dò

Ionn dà

Ionn dà, ionn dò

Ionn dà

Itearainn àrainn

Urainn othoro

Itearainn àrainn ò ro

Uibhist mheallach,

loma-làn arain,

’s i gun ghainne ’n annlann.

Sruthan mheala

ruith bhon talamh,

’s bho bharra nam beanntan.

’S mairg a mhol

a’ Mhòr-Thìr sgrogach,

airson stoban calltainn.

Fearann mosach

’s olc ri choiseachd –

cha chinn molt neo meann air.

’S e na cearcan

pòr as pailte,

’s iad ag cac mu ’n t-slabhraidh.

Mnathan binneach

air bheag grinneas,

’s iad ri inisg chainnte.

Fir gun sonas,

làn de ’n donas,

’s iad ri cron ’s ri aimhreit.

Julie Fowlis more
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic), English, Galician, Gaelic (Irish Gaelic), Latin
  • Genre:Folk
  • Official site:http://www.juliefowlis.com/
  • Wiki:http://en.wikipedia.org/wiki/Julie_Fowlis
Julie Fowlis Lyrics more
Julie Fowlis Featuring Lyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Artists
Songs